Ged A Sheòl Mi Air M'Aineol

Ged a Sheòl

Sèist:
Ged a sheòl mi air m' aineol
Cha laigh smalan air mi' inntinn
Ged a sheòl mi air m' aineol

'S ann à Boston a sheòl sinn
Dol air bhoidse chun na h-Innsean

Rinn sinn cordadh ri caiptean
Air a' bhàrc a bha rìomhach

Trì là roimh n' Nollaig
Thàinig oirnn an droch-shìde

Shèid e cruaidh oirnn le frasan
'S clach-mheallain a bha millteach

Trì là is trì oidhche
'S mi ri cuibhl' ri droch-shìde

Chaill sinn craiceann ar làmhan
'S bha ar gàirdeanan sgìth dheth

Cha robh ròpa 's cha robh òirleach
Nuair reòth' e nach robh trì ann

Bha còignear 'na seasamh
'S bha seachdnar 'na sìneadh

Sin nuair labhair an caiptean
"Illean tapaidh, na dìobraibh

Nuair a ruigeas sibh caladh
Bidh ur drama dhuibh cinnteach"

Dh'fhalbh an 'rigging' o'n 'bhowsprit'
Leis an tonn a bha dìreadh

Dh'fhalbh 'n seòl-mhullaich 'na shròicaean
Chan e spòrs a bhi 'ga innse

Am a Nollaig, cha robh 'candy'
Cha robh 'Santa' anns a tir seo

Tha mo mhàthair fo lionn dubh
Is dùil aic' nach till mi

Although I Sailed

Chorus:
Although I sailed to foreign countries
Sadness did not linger in my mind
Although I sailed to foreign countries

We sailed from Boston on
a voyage to the Indies

We came to an agreement with the
captain of a handsome bark

Three days before Christmas
Bad weather descended on us

The wind blew strongly with rain
showers and stinging hailstones

Three days and three nights
I was at the wheel with bad weather

We lost the skin from our hands
And our arms were tired (of struggle)

When the inch-thick ropes froze
They became three inches in girth

Five of the crewmembers were standing
and seven were prone

That is when the captain said
"Do not yield, stout-hearted lads

When you reach port your
dram will be certain"

We lost the rigging from the
bowsprit with the ascending waves

The topsail was torn to shreds
It is no fun to tell about it

Christmas time, there was no candy
There was no Santa in this land

My mother is dejected, as she does
not expect my return